B’ e meanbh-dùthaich neo-eisimeileach ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1712 gu ruige 1918 a bh’ ann am Prionnsalachd Waldeck-Prymont neo Prionnsalachd Waldeck (Gearmailtis: Fürstentum Waldeck-Prymont neo Fürstentum Waldeck).[1] B’ e Arolsen a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e an Teaghlachuasal Waldeck a bha os a cionn.[2] Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1712 nuair a dh'àrdachadh an Diùc gu Prionnsa. Bha Waldeck na ball Co-chaidreachas na Rèine,[3] bho 1806 gu ruige 1815, an dèidh do Napoleon Bonaparte chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Chuir Waldeck dìreach 400 saighdear gu feachdan a' cho-chaidreachais. Chaidh Prymont a sgaradh bho Waldeck fad ochd bliadhanaichean, bho 1807 gu ruige 1813. Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918). Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Waldeck-Prymont agus leig am Prionnsa Freidrich dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[4] B' e Arolsen a bh' annprìomh-bhaile na dùthcha.